Fògradh, Fàisneachd, Filidheachd
Page 4
Rinn na h-innealan clò-bhualaidh anns na bailtean mòra na b’fhasa gnàths ùr rosg Gàidhlig a thoirt air adhart. Bha rosg Gàidhlig ann am beul-aithris, ach bho ìre na bu tràithe den chànan anns na Meadhan-Aoisean cha robh dad ann coltach ri aithris litreachail ann an rosg. Le pàipearan-naidheachd a’ fàs pailt chì sinn pearsachan-eaglais le Gàidhlig a’ gabhail brath air na dùbhlain agus na cothroman a bha am meadhan ùr seo a’ toirt dhan cànan. B’i an obair aig “Caraid nan Gàidheal,” an t-Oll. Urr. Tormod MacLeòid a b’fhollaisiche agus a b’èifeachdaiche anns an t-seadh seo. Is e MacLeòid, is mathaid, is motha rinn na duine sam bith eile son gnàths nuadh de rosg Gàidhlig a chruthachadh. Anns an dà iris aige, Teachdaire Gae ’lach (1829-31) agus Cuairtear nan Gleann (1840-43) bha e ag amas, co-dhiù ann am pàirt, air modh na b’fhoirmeile a chruthachadh son rosg saoghalta Gàidhlig. A-bharrachd air stuth a bha e fhèin a’ sgrìobhadh a thoirt am follais, bha e cuideachd airson fiosrachadh a bha nochdadh ann am Beurla a thairgse dha na Gàidheil ’nan cànan fhèin. Gu seo a choileanadh bha e dèanamh eadar-theangachadh air cuspairean mar eachdraidh, cruinn-eòlas, tachartasan an ama, saidheans, agus creideamh. Thug an eiseamplair aig foillsichidhean MhicLeòid buaidh mhòr air stuth a bha pearsachan-eaglais a’ foillseachadh an dèidh sin, agus faodaidh gu bheil sin gu mòr a’ mìneachadh nan eiseamplairean de sgrìobhaidhean a’ Bhlàraich ann am Mac-Talla a tha rim faicinn anns an leabhar seo.
Bhuineadh e do Srath-chura ann an Còmhal, far an do rugadh e ann an 1815. Fhuair e foghlam ann an Oilthigh Dhùn Eideann agus thàinig e gu ruige Albainn Nuadh ann an 1846. Ann an 1847 chuir e seachad bliadhna ann an Ontario, far an do thadhail e air Eas Niagara, agus thill e gu Albainn Nuadh ann an 1848. Thug Eas Niagara buaidh mhòr air mar mhinistear ’s mar bhàrd, agus ged a rinn e caochladh dhàin agus pailteas de sgrìobhaidhean air iomadh cuspair, ’s i a’ bhàrdachd “Eas Niagara” air an fheàrr aithne. Chaidh a foillseachadh an toiseach anns an iris An Gàidheal ann an 1871 agus a-rithist le atharraichean anns an leabhar Clàrsach na Coille le Alasdair MacIlleathain Sinclair deich bliadhna an dèidh sin. Bhon uairsin tha i air a bhith ann an cruinnichidhean brìgheil eile de dhàin Ghàidhlig, leithid Bàrdachd Ghàidhlig le Uilleam MacBhàtair (1918, 1932, 1959 agus 1976) agus Caran an t-Saoghail (2003), cruinneachadh de bhàrdachd na naoidheamh linne deug le Dòmhnall Meek. Is e amas an leabhair seo a tha sibh a’ leughadh an-dràsta tuilleadh clìu a thoirt don an duine agus a chuid obrach.
Chaidh iomraidhean goirid air beatha a’ Bhlàraich a sgrìobhadh ann an cruinnichidhean de bhàrdachd Ghàidhlig on a dheasaich MacIlleathain Sinclair Clàrsach na Coille ann an 1881, ach ’s e beagan a rinneadh gu sùil a thoirt air a chuid obrach ann an co-theacs gnàths sgrìobhaidh na Gàidhlig a bha nochdadh anns an naoidheamh linn deug. Deatamach don dealbh a tha am Blàrach a’ toirt air fhèin tha na naidheachdan pearsanta agus na cunntasan-siubhail a chaidh am foillseachadh ann am pàipearan-naidheachd an ama, mar an Canada Scotsman (deasaichte le Aonghas MacNeacail a chaidh air adhart gu bhith clò-bhualadh na h-iris mhìosail An Gàidheal dhan do sgrìobh am Blàrach iomadh colbh), an colbh Gàidhlig ann am Pictou News, deasaichte le MacIlleathain Sinclair, agus am pàipear Gàidhlig Mac-Talla, deasaichte le Eòin MacFhionghain. Bho na caochladh sgrìobhaidhean sin tha sinn a’ tuigsinn gun do rugadh am Blàrach ann an sgìre Shrath-chura air bruaich Loch Fìne ann an Còmhal air 1 Iuchar 1815. Bu mhac e do Chaitriona NicGriogair agus Tòmas Blàrach, aig an robh tuathanachas mhòr chaorach fad iomadh bliadhna ann an Gleanndail, ach a thuinich le a theaghlach ann an Lagan ann an 1825. Dh’fhoillsich e alt làidir son ionnsachadh ’na òige agus bhòidich ’athair gun toireadh e dhà foghlam gu bhith ’na mhinistear. Cha do thuig am Blàrach òg dè dha-rìribh a bha seo a’ ciallachadh, ach phiobraich e e gu thoirt gu ìre, agus tha e ag ràdh:
Chaidh mi dhan sgoil air 17 Lùnastal 1823, agus dh’fhan mi innte mu thrì ràithean. B’urrainn dhomh am Bìoball Beurla a leughadh mus do dh’fhàg mi an sgoil sin agus, o nach robh mi air facal a leughadh thuige sin agus a-bharrachd, on a thug mi bàrr air mo cho-aoisean a bha romham nuair a chaidh mi dhan sgoil. Thuirt m’athair rium gun oidicheadh e mi gu bhith ’na mo mhinistear. Bha seo a’ freagairt math orm, ged nach robh fios agam aig an àm dè bha e ciallachadh a bhith ’na do mhinistear, ach gu robh mi tuigsinn gur e duine foghlaimte bh’ann am ministear. Chùm mi romham, mo dhleastanas, mar rùn mo chuid foghlaim agus cha do leig mi leis sleamhnachadh fad nan sia bliadhna deug sin.1
Tha am Blàrach ag innse dhuinn eadhoin ged a b’i Gàidhlig a chiad chànan, gun deach fhoghlaim ann am Beurla, agus le bhith cur a’ Bhiobaill Bheurla ri taobh an fhir Ghàidhlig, gum b’urrainn dha mu dheireadh thall leughadh ann an cànan a dhùthchais: “mu mheadhan a’ gheamhraidh ann an 1824 thòisich mi air am Bìoball Gàidhlig a leughadh on toiseach. Chuir mi a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla taobh ri taobh agus mar sin chaidh agam air Gàidhlig a leughadh a-bharrachd air Beurla; ged nach robh neach-teagaisg agam, ach a-mhàin gun do dh’ionnsaich m’athair dhomh a’ chiad chaibideil de Genesis a leughadh ann an Gàidhlig.”2
Fhad’s a chaidh e tro bhliadhnaichean na h-òige lean e air a’ leughadh a’ Bhìobaill. Aig aois dheich bliadhna tha am balach comasach ag ràdh gun do thòisich e “a’ sgrìobhadh leabhair agus ’ga chur ri chèile” agus rinn e “taigh” far an robh e searmonachadh do chloinn eile agus a’ cumail seirbheis comanachaidh le aran agus fìon a rinn e fhèin le dearcagan dubha. Tha e follaiseach gu robh dreuchd na ministrealachd ’san amharc aige. Tha e ag ràdh:
Anns a’ Mhàrt 1828 thàinig maighstir-sgoile o Ard-Sheanadh Eaglais na h-Alba don choimhearsnachd mu thrì mìle bho thaigh m’athar. B’e Iain MacFhionnlaigh a b’ainm dha agus bha e às an Eilean Sgitheanach. Chuala mi gur e Baisteach a bh’ann. On a bha e romham-sa a bhith ’nam mhinistear an Eaglais na h-Alba, cha robh gràdh àraid agam do na Baistich. Chan e nach robh mi smaoineachadh gu robh daoine matha ’nam measg, ach bha mi creidsinn gu robh teagasg Eaglais na h-Alba na b’fheàrr.3
Chaidh am Blàrach don sgoil aig Iain MacFhionnlaigh son greis eadar 1828 agus 1832. Is ann bhuaithe a dh’ionnsaich e Laideann agus Greugais agus thug spioradalachd dhomhainn is dhùrachdach an duine seo buaidh air. Le amas air cur ris an taice bha athair a’ toirt dha fhoghlaim an Oilthigh Dhùn Eideann, bha e a’ teagasg mar fhear-cuideachaidh do Iain MacFhionnlaigh ann an 1833. Thòisich e mar oileanach an Oilthigh Dhùn Eideann ann an 1834. Ann an 1836 chaidh e don Chomunn Oiseanach anns an oilthigh, comunn a-rèir a’ Bhlàraich a bha airson “balaich às a’ Ghàidhealtachd far am faodadh iad Gàidhlig a labhairt agus a sgrìobhadh. Chaidh mi don Chomunn a chionn ’s gu robh mi fo iomagain a-thaobh cànan mo dhualchais a bhrosnachadh.”4
Dh’fhàs e tinn nuair a bha e ag obair mar oide anns an Eilean Sgitheanach ann an 1838. Bha a thinneas cho dona ’s gun do chuir e dàil dà bhliadhna air an oileanachadh aige an Dùn Eideann. Bha Anna, a phiuthar a bu shine, a’ cuideachadh a’ toirt cùram dha, ach an ceann ùine ghabh i fhèin am fìabhras agus chaochail i air 14 Sultain 1838:
Bha m’athair ’s mo mhàthair toilichte gun do thill mi dhachaidh beò agus slàn, ach cha b’fhada gus an do thionndaidh an gàirdeachas gu bròn nuair a bhàsaich mo phiuthar. Bha sinn uile glè thùrsach. Nuair a bha e coltach gu robh i faisg air crìoch a beatha, chaidh mi gu àite uaigneach […] a dh’ùrnaigh air a sgàth. Bha m’anam fo dhòrainn gu robh i dol don t-sìorraidheachd agus bha eagal orm nach robh i ullaichte son a’ bhàis. Bha i ’na suain chadail le cungaidh a thug an dotair dhi, rud a tha mi smaoineachadh a chuir cabhag air a bàs agus a dh’ionnsaidh na sìorraidheachd. Rinn mi ùrnaigh ris an Uile-chumhachdach gum biodh a thoil air a dhèanamh agus gun aisigeadh E i air ais gu slàinte, nam b’e sin a thoil, ach os cionn gach nì gum biodh i ullaichte son a’ Bhàis le Fìrinn Chrìosta. An uairsin thill mi agus nuair a bha mi dlùth air an taigh thug i suas an deò. Thèid mise far a bheil ise, ach cha till ise thugainne […]. ’S i a’ phiuthar a b’fheàrr leam. ’S i a b’fhaisge orm ann an aois. Bha i sàmhach, iriosal agus umhail dha pàrantan, le gaol a
ir a bràithrean ’s a peathraichean agus coibhneil ri na h-uile.5
Ann an 1840 bha am Blàrach fallain gu leòr gu tilleadh don oilthigh agus chaidh e do Thalla na Diadhachd an Dùn Eideann, agus fhuair e cead searmonachaidh air 1 Cèitean 1844.6 An uairsin bha e teagasg do choitheanalan na h-Eaglais Shaoire ann am Bàideanach son sia mìosan, agus chuir e seachad a’ mhòr-chuid de 1845 ann am Muile. Ann an litir gu Comataidh nan Coloinidhean aig an Eaglais Shaor thubhairt e gum bu mhiann leis a dhol do na coloinidhean a theagasg an t-Soisgeil. Chaidh iarraidh air a dhol a Dhùn Eideann gu bhith air a cheasnachadh leis a’ Chomataidh mas d’fhuair e “ùghdarras a dhol a dh’Aimeireaga” son trì bliadhna.7 An dèidh slàn fhàgail aig a theaghlach, a chàirdean agus a choimhearsnachd, thog e air gu Glaschu far an deach e air bòrd bàta gu Pictou an Albainn Nuadh air 2 Giblean 1846. Tha iomradh air a thuras thairis a’ Chuain Shiar, agus air cuairtean an dèidh sin an Eilean Prionnsa Eideard, mòr-thìr Albainn Nuaidh agus Ceap Breatainn, agus suas Abhainn an Naoimh Labhrainn tro Quebec gu Ontario ann an 1847 inntinneach an leughadh agus tha iad anns an leabhar seo. Chaidh am bàta air na sgeirean feadh na h-oidhche air an t-slighe suas Abhainn Labhrainn agus fhuair an sgioba cobhair o luchd-còmhnaidh a bhruidhneadh Fraingis air an fhearann air bruaich na h-aibhne. Bha imcheist mhòr air a’ Bhlàrach nach fhaigheadh e air ais na cisteachan leabhraichean aige. Fhuaireas iad agus chaidh an cur thuige gu a cheann-uidhe ann am Bytown (Ottawa). As a sin chùm e air gu Beckwith far an do fhritheil e do choitheanal Ghàidheil a bhuineadh air tùs do Shiorrachd Pheairt. Bha e cuideachd greis ann am bailtean Aldborough agus Dunwich; b’ann aig an àm sin a thadhail e air Eas Niagara. Anns an t-Sultain 1848 thill e gu Pictou an Albainn Nuadh tro New York agus Halifax air a’ bhàta-smùide Europa.8 Chrìochnaich am Blàrach a chùmhnant mar mhiseanaraidh agus chuir e roimhe fuireach an Albainn Nuadh:
An dèidh do mo chùmhnantan-dreuchd mar mhiseanaraidh aig Comataidh nan Coloinidhean tighinn gu crìch anns a’ Chèitean 1848, bha mi nise air fuireach bliadhna gu leth na b’fhaide, a’ teagasg a’ chuid mhòr den ùine anns a’ Bheinn Ghorm, Abhainn Bhàrnaidh agus fearann uachdrach na h-Aibhne an Ear. Dh’fhàs mi na bu cheangailte ri na daoine agus bha an dùthaich a’ còrdadh rium na b’fheàrr mar a b’fhaide bha mi a’ tàmh innte. Le na fairichidhean sin cho-dhùin mi fuireach agus mo chrann a thilgeil còmhla ri muinntir Abhainn Bhàrnaidh agus na Beinne Guirme mar achadh buan mo shaothrach agus mo dhachaidh, fo smachd Rùn an Fhreastail.9
Mus do rinn e tuineachadh maireannach, ge-tà, bha am Blàrach ag iarraidh tilleadh uair eile a dh’Alba a dh’fhaicinn a theaghlaich an dèidh fios fhaighinn gu robh a mhàthair tinn. Chaidh e air ais a dh’Alba ann an 1850 agus dh’fhan e gu Sultain 1851. Anns an ùine ghoirid a bha e air ais thachair e ri Màiri Siobala NicIlleathain agus phòs iad anns an Lùnastal 1851. Rinn e òran dhi, “Màiri Lurach,” a gheibhear anns an leabhar seo. Thill am Blàrach agus a bhean-phòsta ùr do Albainn Nuadh anns an t-Sultain 1851 agus rinn iad an dachaidh ann an Abhainn Bhàrnaidh, a’ Bheinn Ghorm agus sgìreachd Gàrradh Eden ann an Siorramachd Phictou ann an ear-thuath mòr-thìr Albainn Nuaidh.
Tha Dòmhnall MacIlleathain Sinclair a’ toirt iomradh inntinneach air mar a fhuair am Blàrach an ceum urramach Dotair Diadhachd o Cholaiste Dhiadhachd Mhontreal. Chaidh ainm a chur air adhart son na h-inbhe seo aig coinneimh den Ard Sheanadh:
Bha Raibeart Moireach, fear-deasachaidh Fianais nan Clèireach, agus m’athair, an t-Urr. A. MacIlleathain Sinclair, ’nan suidhe còmhla, agus air am beulaibh bha corra D.D. rim faicinn ’s rin cluinntinn. Thubhairt m’athair ris a’ Mhoireach “Feumaidh sinn D.D. fhaighinn dhan a’ Bhlàrach.” “Gun teagamh,” fhreagair e, “sgrìobh tagradh agus cuiridh mise m’ainm ris.” Chaidh an tagradh a sgrìobhadh an làrach nam bonn, agus chuir Raibeart Moireach agus am Britheamh Foirbeis an ainmean ris. Shìn m’athair e chun a’ Phrionnsapal Mac a’ Phiocair, Gàidheal le Gàidhlig, agus b’e buil an tagraidh gu robh Mr. Blair ’na Dr. Blair.10
Ann an 1893 dh’eug am Blàrach aig aois 78. Bha a bhean air bàsachadh na bu tràithe ann an 1882, agus tha iad le chèile air an adhlacadh ann an cladh Lagain beagan mhìltean o Eaglais a’ Bhlàraich ann an Gàrradh Eden.
B’e aon de dhìleaban cudromach a’ Bhlàraich a’ bhuaidh a bh’aige air Alasdair MacIlleathain Sinclair. B’esan ogha a’ bhàird iomraitich Iain MacIlleathain (Bàrd Thighearna Chola), a rinn imrich à Tiridhe gu Albainn Nuadh ann an 1819. Thogadh MacIlleathain Sinclair an taigh a sheanar agus cha robh e ach ochd bliadhna dh’aois nuair a chaochail a sheanair ann an 1848. Bha am Blàrach air ùr thighinn dhan dùthaich agus gu bhith ’na charaid ’s ’na fhear-iùil don bhalach òg. Bha eiseamplair a’ Bhlàraich a’ samhlachadh a bheatha fhèin mar mhinistear agus sgoilear Gàidhlig. Mar sin bha buaidh shònraichte aig a’ Bhlàrach air beatha MhicIlleathain Sinclair, chan ann a-mhàin mar phearsa eaglais ach cuideachd mar Ghàidheal foghlaimte a bha an sàs gu dèanadach ann an litreachas a chànain dhùthchasaich.
Lean an càirdeas aig MacIlleathain Sinclair ris a’ Bhlàrach, fiù ’s an dèidh dha a dhachaidh ann an coimhearsnachd Gleann a’ Bhàird fhàgail son tuilleadh foghlaim fhaighinn. Nuair a thàinig an t-àm gu cead na ministrealachd fhaotainn, thill e dhachaidh gu a choimhearsnachd fhèin son a dhol fo sgrùdadh. Bha feadhainn aig an robh obair na ministrealachd ’san amharc a’ faighinn cead-teagaisg agus air an suidheachadh ann an dreuchd le ministearan stèidhichte ann an seisean na Clèire. Mar phàirt den dùbhlan bha deuchainn-labhairt fhada anns an do lìbhrig MacIlleathain Sinclair òraid ann an Gàidhlig agus freagairtean air ceistean mu dhiadhachd, eachdraidh eaglaiseil, Eabhra, agus Greugais.11 B’e am Blàrach fear den luchd-deuchainn agus, mar Mhodaràtor na Clèire, b’esan aig a cheann thall a thug cead searmonachaidh do MhacIlleathain Sinclair ann an Eaglais Shaor Albainn Nuaidh air 2 Cèitean 1866. B’e am Blàrach cuideachd a rinn seirbheis-pòsaidh MhicIlleathain Sinclair agus Màiri Anna Chaimbeul ann an 1882, agus rinn e Oran Pòsaidh dhaibh. Bha an t-òran ann am Mac-Talla ann an 1903, agus tha e anns an leabhar seo. Ann an 1887, nuair a chaochail màthair MhicIlleathain Sinclair aig aois 77, b’e am Blàrach a liubhair seirbheis an tòrraidh aice.
Chuir am Blàrach mòran ris an stuth a bha MacIlleathain Sinclair a’ foillseachadh, agus nuair a chaochail am Blàrach ann an 1893 fhuair MacIlleathain Sinclair seilbh air na làmh-sgriobhainn aige. Seo an teisteanas a thug e dhan a’ Bhlàrach:
Duine le cràbhadh domhainn agus mionaideach, ach caran frionasach. Bha e ’na sgoilear barraichte. Chan eil e àibheiseach a ràdh gu leughadh e Eabhra cho furasta ’s a leughas mise Beurla agus Gàidhlig. Chuir e roimhe aig aon àm a dhol mar mhiseanaraidh am measg nan Iùdhach, agus thug sin air ùidh a ghabhail ann an Eabhra. Bha e cho fiosrach air Laideann is Greugais ri fear san t-sreath de dhaoine foghlaimte. Thadhail mi air aon latha ’s dh’fhaighneachd mi dha dè bha e dèanamh. Fhreagair e “Tha mi air a bhith leughadh an Odyssey ann an Greugais o chionn sia seachdainean, agus tha mi air faighinn troimhe. Leugh mi an Iliad nuair a bha mi anns a’ cholaiste, ach cha do leugh mi an Odyssey gu ruige seo.” Bha beagan Fraingis agus Gearmailtis aige. Bha eòlas domhainn aige air Gàidhlig. Leughadh e Gàidhlig na h-Eireann agus Cuimris. Bha cuimhne iongantach aige air faclan. Cha robh eòlas sam bith aige air saidheans cànain. Gus an do dh’fhoillsich Max Muller a chuid òraidean, ’s e an fhìrinn gur e fìor bheagan suim a bha aig Breatannaich do shaidheans cànain mar chuspair. Nuair a bha an t-Oll. Blàrach air leabaidh a’ bhàis thug e òrdan dha mhac na làmh-sgrìobhainn aige gu lèir a thoirt dhòmh-sa.”12
Tha làmh-sgrìobhainn a’ Bhlàraich an-diugh, maille ri pàipearan MhicIlleathain Sinclair fhèin, ann an Tasglann Poblach Albainn Nuaidh agus ann an Cruinneachadh Ceilteach an Athar Teàrlach Brewer ann an Oilthigh Fransaidh Xavier. A thuilleadh air eadar-theangachadh Gàidhlig nan Salm agus Gràmair Gàidhlig air an robh e ’g obair gheibhear ann an làmh-sgrìobhainn a’ Bhlàraich dàin phearsanta agus chràbhach, iomraidhean eachdraidheil, pìosan mu ghràmair ann an Gàidhlig le eadar-theangachadh Beurla, riochdan de bhàrdachd
Ghàidhlig (le, mar eiseamplair, Donnchadh Bàn, Uilleam Ros agus Alasdair mac Mhaighstir Alasdair), agus eadar-theangachadh Gàidhlig de Homer.
Ged a dh’fhoillsich am Blàrach beagan sgrìobhaidhean air cuspairean àraidh ann am Beurla agus Gàidhlig b’ann an irisean a bu trice a nochd an stuth a bha e sgrìobhadh. Anns an iris Canada Scotsman ann am Montreal, deasaichte le Aonghas MacNeacail, bha colbh cunbhalach ann an Gàidhlig agus seo far an do nochd cuid den rosg aig a’ Bhlàrach an toiseach. Chaidh Aonghas MacNeacail air adhart gu iris Gàidhlig, An Gàidheal, a chlò-bhualadh ann an Toronto ann an 1871 agus bha am Blàrach air fear de na sgrìobhaichean aige. Thug MacNeacail An Gàidheal leis a Ghlaschu nuair a thill e a dh’Alba beagan bhliadhnaichean an dèidh sin. Nuair a thòisich MacIlleathain Sinclair, aig an robh am Blàrach mar oide, air colbh Gàidhlig fhoillseachadh anns an iris sgìreil Pictou News ann an Albainn Nuadh ann an 1883, thug am Blàrach taice dha le iomadh tabhartas. Lean “Cùil na Gàidhlig,” an colbh aig MacIlleathain Sinclair, beagan a bharrachd air còig bliadhna, bhon Dùbhlachd 1883 gu co-dhiù Faoilleach 1888 (a’ mhìos anns an do nochd am Pictou News mu dheireadh air a bheil lorg le “Cùil na Gàidhlig” ann). Chuir am Blàrach mòran ris, mar na sreathan “Mu na Sean Gaidhil [sic]” agus “Eachdraidh nan Gàidheal,” a chaidh a mhìneachadh ann an ro-ràdh mar seo: “Bidh ‘Cùil na Gàidhlig,’ air a bheil gràdh aig iomadh cridhe Gàidhealach, a’ leantainn, agus bidh e glè inntinneach a bhith cunbhalach a’ faicinn ‘Eachdraidh nan Gàidheal,’ leis an Urr. D. Blàrach, fear de na sgoilearan Gàidhlig is cliùitiche ’nar latha, a thug cuideachadh anabarrach dhan Urr. Mr. Sinclair le bhith lìbhrigeadh stuth son colbh na Gàidhlig.”13